Sunday 27 May 2012

Bàs Megrahi: ceistean [Death of Megrahi: issues]

[This is the headline over an article in Gaelic by Seonaidh Caimbeul in yesterday’s edition of The Scotsman.  Regrettably, Scots Gaelic is not one of the language options offered by Google Translate.   Babylon claims to do so, but I have been unable to get the download to work. The article reads as follows:]

Tha bàs Abdelbasat Ali Mohmed al-Megrahi, 60, Di-Dòmhnaich sa chaidh air ceist na coireachd air son là dubh Logarbaidh [Lockerbie] 21.12.88 a thogail ás ùr agus iomagain ann gu bheil an gnothach a’ tarraing aire nàireil do dh’Alba air adhbharan eadar-dhealaichte.
Air an dàrna làimh tha feadhainn den bheachd gur e uilebheist a bh’ anns an Libianach a mharbh 270 le boma a phlantaig e air bòrd PanAm 103 a thuit air Logarbaidh. Tha iad ag ràdh gur e mearachd a rinn Ministear a’ Cheartais, Coinneach MacAsgaill [Kenny MacAskill], le bhith a’ leigeil le al-Megrahi a dhol dhachaigh gu Tripoli seach bàsachadh sa phrìosan. Thuirt ceannard nan Làbarach, Johann NicLadhmainn [Johann Lamont], ’s i a’ bruidhinn “ás leth muinntir na h-Alba”, nach robh an co-dhùnadh sin ach “a’ dèanamh tàir air na h-ìobairtich agus an teaghlaichean”.
Air an làimh eile tha cuid de luchd-dàimh nam marbh agus sàr-eòlaich lagh cinnteach nach robh al-Megrahi neo Libia an sàs sa mhort ’s gu bheil fianais nas earbsaich a’ comharrachadh Iran. Tha litir fhosgailte le taic bho dhaoine cliùiteach ann am beatha phoblach a’ fàgail air Riaghaltas na h-Alba gun deach ceuman a ghabhail “a tha a’ cur bacadh air adhartas sam bith a dh’ionnsaigh togail a’ cheò a tha ’na laighe air na thachair”.
Tha am bàrd Aonghas Dubh MacNeacail a’ toirt taic ris an iomairt air son sgrùdadh poblach. Thuirt e: “Chan eil mi a’ tuigsinn car son a tha daoine a’ dùnadh an sùilean ri fianais a tha a’ cur teagamh anns a’ bhinn a chaidh a chur air Mgr Megrahi. Bha na breitheamhan eisimeileach air an fhianais agus an fhiosrachadh a bha romhpa sa chùirt agus tha sinn uile an urra ris na leugh sinn mun chùis lagh. Ge-tà, tha fianais ùr air nochdadh bhon uair sin agus tha sàr-eòlaich air ceistean a thogail air a’ bhuaidh a bh’ aig riaghaltasan Ameireaga ’s Breatainn air cùis lagha Albannach.”
Se an t-Oll. Raibeart MacilleDhuibh [Robert Black] a chuir cùis-lagha Mhegrahi air bhonn fo lagh na h-Alba aig cùirt shònraichte anns na Dùthchannan Ìsle. Thuirt e: “Tha mi toilichte faicinn gu bheil na meadhanan naidheachd an-seo agus anns na Stàitean Aonaichte ag aithneachadh a-nis gu bheil fìor dhuilgheadasan ann an dìteadh Megrahi. Se tha dhìth a-nis gun aithnich Riaghaltas na h-Alba cho riatanach ’s a tha sgrùdadh poblach neo-eisimeileach.”
Ghabhadh tagradh a chur a-steach an aghaidh na binne le teaghlach al-Megrahi, ged a tha ughdarrasan Albannach agus Ameireaganach fhathast a’ rannsachadh ceanglan Libianach ri uabhas Logarbaidh.


[Here is the full text of the quotation that I supplied to the journalist for use in the article:]


I am very pleased at the coverage that the open letter has had, both in the UK and around the world.  In particular it is gratifying to see influential mainstream news media in the United States for the first time recognising that there are real problems with the Megrahi conviction -- see eg http://lockerbiecase.blogspot.com/2012/05/nyt-admits-lockerbie-case-flaws.html and  http://lockerbiecase.blogspot.com/2012/05/cnn-did-someone-else-bomb-pan-am-103.html. What we need now is recognition from the Scottish Government that there is here a matter of real public concern and that an independent inquiry into the investigation, prosecution and conviction is necessary. People like Kate Adie, Benedict Birnberg, Ian Hislop, A L Kennedy, Len Murray, Cardinal Keith O'Brien, John Pilger, Tessa Ransford, James Robertson, Kenneth Roy, Desmond Tutu and Terry Waite cannot simply be contemptuously dismissed as "conspiracy theorists" -- the lazy slur used by people who refuse to address the manifest flaws in the Lockerbie prosecution.

No comments:

Post a Comment